Release Date:

Downloads include choice of MP3, WAV, or FLAC

Chaidh Jenna Chuimeineach, à Inbhir Nis, gu Bun-sgoil a’ Mheadhain (an t-Aonad Gàidhig) agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn. Nuair a bha i san sgoil, bha Jenna an sàs ann am Fèis a’ Bhaile agus Fèis na h-Òige, agus chòrdadh e rithe a bhith seinn leatha fhèin agus còmhla ri daoine eile. Air a brosnachadh le a màthair, a’ bhana-sheinneadair Ghàidhlig Criosaidh Nic a’ Bhiocair, bha an comas seinn aig Jenna gu math follaiseach bho aois gu math òg.

Bhuannaich Jenna a’ chiad cho-fharpais aice aois deich bliadhna a dh’aois aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain ann an 1994, agus bhuannaich i tòrr dhuaisean eile nuair a bha i a’ gabhail pàirt sna co-fharpaisean òigridh. Ann an 2002, ghabh Jenna pàirt ann an co-fharpaisean nan inbheach airson a’ chiad uair agus ghlèidh i Bonn Òir Màiri NicLaomainn airson seinn san t-seann nòs. Ro dheireadh 2004 bha Jenna air dà bhonn òir eile a ghleidheadh, Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2003 agus Bonn Òir Tìm an Òbain ann an 2004.

Dh’fhoillsich Jenna a’ chiad chlàr aice, Kintulavaig, san Dùbhlachd 2005, clàr a fhuair moladh mòr, agus san Dùbhlachd 2006 chaidh Jenna ainmeachadh mar ‘Neach-ciùil ùr gealltanach na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba sa Ghearastan. Tha i air a bhith air grunn phrògraman telebhisein mar ‘Aig Cridhe ar Ciùil’ agus tha i air seinn aig tòrr thachartasan iomraiteach mar Celtic Connections agus Flower of the West, oidhche a bha a’ comharrachadh a’ chiùil aig na dithis sgrìobhadairean òrain Ghàidhlig bho Runrig Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach, agus a’ comharrachadh na rinn iad do na h-ealain Ghàidhlig. Tha i na ceumnaiche bho Oilthigh Ghlaschu, agus tha i a-nis a’ fuireach ann an Sgalpaigh na Hearadh.

-----

"Jenna Cumming has a rare singing talent, which has been evident since she was a very young girl. Encouraged by her mother, Gaelic singer Chrissie MacVicar, the whole of Gaeldom has watched over the years as she has gone on to win no less than 3 Gold Medals at the National Mòd: the Comunn Gàidhealach Gold Medal, the Mary Lamont Gold Medal for traditional singing and the Oban Times Gold Medal. But these were just the most recent in a string of prizes she has won. And little wonder. In Jenna, you have a lovely, natural voice, and the clearest Gaelic you could wish for. She is undoubtedly a star, and this CD amply demonstrates that she deserves her place among the best young Gaelic singers of today. The album has been long-awaited, and you won’t be disappointed."  Morag MacDonald, Mire ri Mòir

Kintulavaig

Jenna Cumming

Select Format