Donnie Murdo MacLeod
'S e sàr-sheinneadair à Eilean Leòdhais a th' ann an Donnie Murdo MacLeòid, a thogadh ann an Steòrnabhagh le Gàidhlig mar chiad chànan, rud nach robh cho àbhaisteach am measg a cho-aoisean.
Nuair a bha e san oilthigh an Obar Dheathain thug seinneadairean leithid Seonag NicChoinnich, Flòraidh NicNèill agus an t-Urr. Uilleam MacMhathain buaidh mhòr air.
Fhuair e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1996 agus duais airson seinn nan salm aig Mòd eile. Tha e tric a' nochdadh aig cuirmean, air a' rèidio agus air an telebhisean, a' seinn òrain, sailm agus laoidhean.
An-diugh tha a dhachaigh an Obar Dheathain, ged a bha a chuid obair mar eòlaiche foghlaim ga thoirt fada is farsaing anns an dùthaich seo agus thall thairis.
Chaidh Sguab agus Dlòth ainmeachadh Clàr na Bliadhna leis a’ phaipear-naidheachd, Scotland on Sunday.