Bruce MacGregor
Tha Bruce MacGriogair air aon de fìdhlearan as faireachaile agus liriciche a tha a’ cluich ceòl Gàidhealach, agus ’s ann as fheàrr a dh’aithnichear e mar fear a stèidhich an còmhlan Blazin’ Fiddles air a bheil fèill ana-mhòr. Chaidh e cuideachd air chuairt agus chlàr e còmhla ris an t-sàr chòmhlan Gàidhlig Cliar nuair a thòisich iad. Bha e air a theagasg leis an fhìdhlear bharraichte Dòmhnall Riddell, agus tha an stoidhle aig Bruce a’ nochdadh nan rudan as fheàrr mu cheòl fìdhle Gàidhealach – dàna agus calma aig amannan, amannan eile liriceach is àlainn.
A thuilleadh air a bhith na neach-ciùil air chuairt, tro na comasan sgrìobhadh ciùil aige tha Bruce air a bharantachadh gus ceòl a sgrìobhadh airson telebhisean, rèidio agus an t-àrd-ùrlar. Airson an còrr den ùine aige bidh e uaireannan a’ dèanamh obair craolaidh do BhBC Rèidio na h-Alba, agus tha e a’ ruith ionad luchd-tadhail ann an Inbhir Nis.