Angus G MacLeod

’S ann à Leòdhas, Uibhist a Deas agus an t-Eilean Sgitheanach a tha cuideachd Aonghais, ged a chaidh a thogail sa bhaile mhòr ann an Inbhir Nis, ann an dachaigh loma-làn de Ghàidhlig. Tha e a-nis ag obair na fhear-lagh sa bhaile. Tha e pòsta aig Karen, agus tha dithis nighean aca, Anna agus Eilidh, a bhios a’ seinn cuideachd agus aig a bheil làn an claiginn de Ghàidhlig.

Fhuair e dìleab phrìseil cànan agus dualchas nan Gàidheal bho a phàrantan Murchadh, nach maireann, agus Catrìona. Choisinn e Bonn Òr an t-Seann Nòis aig Mòd Ghoillspie ann an 1995, agus Bonn Òr a’ Chomuinn aig Mòd Inbhir Nis ann an 2014, agus tha e air seinn ann an Èirinn, Eilean Mhanainn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Lunnainn, a’ Bhreatann Bhig agus Ameireagaidh, agus air feadh Alba. Bidh Aonghas a’ seinn na aonar, mar bhall de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis agus mar bhall den chomhlan-seinn Trosg. Tha e cuideachd na chathraiche air bòrd-stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig an Albainn.